Ishbel MacAskill - Oran Na Maighdinn-mhara Songtexte

A mach air bharr nan stuadh ri gaillionn
Fuachd is feannadh fad 'o thìr
Tha mo ghaol dhuit daònan fallainn
Ged is maighdinn mhara mì

Sèist:
Hùbha I 's na horaibh hùbhaidh
Hùbha I 's na horaibh hì
Hùbha I 's na horaibh hùbhaidh
'S ann le foill a mheall thu mì

Chaneil mo chadal-sa ach luaineach
'Nuair bhios buaireas air an tìd'
Bha mi 'n raoir an coirre bhreacainn
'S bi mi nochd an eilean I

Seall is faic an grunnd na fairge
Uamhan airgiod 's òr gun dìth
Lainnearachd chan fhaca sùil e
Ann an cuirt no lùchairt righ
Dieser text wurde 388 mal gelesen.