Ishbel MacAskill - Soraidh Leis An Ait Lyrics

Soraidh leis an àit
An d'fhuair mi m'àrach òg
Eilean nam beann àrda
Far an tàmh an ceò
Air a moch a dh'èireas
Grian nan speur fo ròs
A'fuadach neul na h-oidhche
Soillseachadh an Stòrr

Cur m'aghaidh air Glaschu
B'airtneulach mo cheum
Cur mo chùl ri càirdean
Nochd am bàigh cho treun
Ghluais ar buadhan nàduir
Ann an gràdh dha chèil'
Shruth mo dheòir a mhàin
Is dh'fhailnich guth mo bheul

Seallaidhean bu bhrèagha
Riamh chan fhaca sùil
Sprèidh a mach gam feurach
Madainn ghrianach, chiùin
'N uiseag air a sgiath
Seinn gun fhiamh a chiùil
'S an ceò mu cheann Beinn Tianabhaig
Is an sliabh fo dhriùchd
This lyrics has been read 2241 times.